Faraidhean maoraich gan ìsleachadh

  • Air fhoillseachadh
Aiseag Chaolas na HearadhTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Cal Mac na faraidhean an-àirde o chionn ghoirid.

Thèid cur às do na faraidhean mòra a th' air bhanaichean maoraich air aiseagan Chaolas na Hearadh is Chaolas Bharraigh.

Chaidh na prìsean suas a chòig uimhir bho chionn ghoirid nuair a thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum biodh iad a' dèiligeadh le bhanaichean ann an dòigh choimearsalta agus a' cothromachadh an cuideam.

Ach tha iad a-nis air an inntinn atharrachadh an dèidh mar chaidh innse dhaibh mun droch bhuaidh a tha seo a' toirt air gnìomhachas an iasgaich.

"Bha seo a' ciallachadh, rud a bha a' cosg beagan is £40 airson Caol na Hearadh, gun robh e a-nis a' dol gu còrr air £200," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"An fheadhainn à Barraigh a bha a' tighinn a-nuas a dh'iarraidh maoraich airson a ghiollachd an Steòrnabhagh, bha sin a' ciallachadh gun robh e a' dol bho thimcheall air £80 gu còrr air £400.

"Call mòr"

"Bha sinn a' faicinn nach b' urrainn dha na gnìomhachasan sin cumail a' dol, agus gun deadh am maorach a tha sin gu Tìr Mòr, agus bha call mòr do dh'eaconamaidh Uibhist agus Bharraigh.

"Tha seo a' ciallachadh gu bheil na h-aon riaghailtean a-nis eadar na h-eileanan 's a tha gu Tìr Mòr.

"Ma tha maorach beò a' dol eadar na h-eileanan, no gu Tìr Mòr, tha aon phàirt den t-slighe an asgaidh.

"Tha sin a' dol a dhèanamh atharrachaidh mhòir dhan ghnìomhachas, ri linn, mura biodh seo air tachairt, agus na cosgaisean a' cumail an-àirde, bhiodh obraichean air an call ann an Uibhist 's am Barraigh," thuirt e.